EOIMH-EADH
^jjjr'HA'N t-Oranaiche uis air a chasaibli le lànachd ciùil 'n a
(ì^ chridhe agus le iomadh duanag thaitneach 'n a bheul. 'S e a
rùn eùlas a chur air na Gàidheil anns gach àite 's am bheil iad a'
tuinneachadh tuath is deas, an ear agus an iar, aig an tigh agus o 'n
tigh. Air dha blii d'an bheachd nach cuir a ghnè, a ghiùlan, no
iiii'ighioU bruaiUean air neach 'sam bith tha e 'n dòchas gu 'n seachainn
e gainntir a' Bbàillidh agus beum-bàis a' ^lhinisteir. Tha e meallta
'n a bharail mur faigh e fàilte agus furan o gacli fìor Ghàidheal.
Riamh o'n thòisich daoine air an gluasad le anail na bàrdachd air
roinn a chur r'a che'ile, gheibhear 'n an cainnt bhlasda, bhinn, ge'ireais
agus gliocas, fileantachd agus dràidhteachd. 'S i bìirdachd c'main an
anma air a bheò-ghluasad troimh dhoimhneachd subhachais no dubh-
achais — deòir an spioraid bliriste, agus g.'iire a' clu-idhe laiste — cainnt
an duine 'n uair a's ge'ire inntinn, a's beothaile a chuimhne, a's
fosgailtiche a thuigse, a's hiine a cliridhe agus a's blàithe 'aignidhean.
Ann an goinih no ann an gean, ann an gruaim no ann an gràdh,
breithneachaidh agus dealbhaidh an t-anam bàrdail, beò-laiste,
smuaintean meamnach agus gnìomharan mòralach. Tha e cosmhail
ris an iolaii' rìoghail, bhior-shuilich, an uair a dh' èireas i suas agus a
sgaoileas i a sgiathan mòra air tuiltea(;h gaoithe. Chi stiil a' bhàird
solus is beatha, gràdh is maise anns a' chruthachadh nàdurra. mhodh-
annail agus spioradail, agus bheir i fainear nach'eil anns na buaJhaibh