ROIMH-RADH.
faicsinneach so uile ach clrillseannan is gathan a tha 'deàrrsadh a mach
o 'n Ti sin 's e Gràdh is Maise. 'S i bàrdachd le'igh-spìosraidh nan
aosdana a chaidh do 'n eug — beul-seanachais nan seann àbhachdais
agus nan deas-ghnathan — carraig ailbhinn air am bheil smuain an
cridhe agus gnìomh an làimhe sgrìobhte le peann iarruinn agus le
roinn daoimein.
Dh' iarrainn au t-Oranaiche fhàgail an làmhaibh nan sgrùdairean
agus nan leughadairean gu bhi faotainn a mach air an son fdin, am
buin no nach buin, cuid do na cliùthaibh a dh' ainmich mi dhasan.
Thae'nceumno dhìi dealaichte o na co-chruinneachaidh a dli'òrain
Ghàidhealach a chaidh air thoiseach air. Mar so choisinn e àite dha
fe'in anu an eachdraidh agus ann an litreachas na Gàilig. Gun
teagamh dh'fhàgadh againn mar dhìleab leis an duin'-uasal chliù-
thoiUteanach sin Mr. lain Mac Coinnich, nach maireann, obair eir-
eachdail agus fhiachail ann an "»Sàr Obair nam Bàrcl GàidhealarJi."
'San dòigh so thog e dha fe'in carragh-cuimhneachain maireannach.
Is iomadh linn ri teachd, cho maith ris an linn so againne, a chuireas
clach 'na chàrn. Gabhaidh obair do 'n t-seòrsa so ùine, saothair agus
costus. Rinn mise na b' urrainn domh leis a' chungaidh a bh' agam,
agus dh' fhosgaileadh mèin a's fhiach a rannsachadh agus a h-oibreach-
adh gu dìchiollach, agus a tha mi an dùil, le cuideachadh chàird-
ean, a phàidheas dhoibh-san agus dhomh-sa. Tha so uile 'nan làmhaibh-
san; oir ma ruitheas an obair so gu maith agus gu 'n toir "Clanna
nan Gàidheal ri guaiUibh a cheile" di-beatha di, misnichidh agus
neartaichidh e mi gu bhi deanamh an Oranaiche anns a' h-uile
dòigh agus seadh airidh air an àite a fhuair e cheana, agus a tha mi 'n
dùchas a gheibh e fathasd, agus a dh' fheuchas mi ri 'ghleidheadh ann
am meas agus ann am measg mo luchd-dùthcha.
Feudar a ràdh aig an àm so, gu 'm bheil am measg nan Gàidheal
thall agus a bhos ann an Gàilig, mòran do bhàrdachd eile a
bu chòir a bhi air a cruinneachadh agus air a cumail air chuimhne.
Tha mòran do na h-òrain agus do na laoidhibh Gàilig tuiUidh a's
fada. Mar is trice, tha òrain ghoirid cosmhuil ri òraidibh goirid,
saor o ath-aithris dhìomhain. Mur bhiodh cho eudmhor 's a tha
ùghdair Ghàilig air son gach ni a dhealbhas agus a sgrlobhas iad
fhaicinn clò-bhuailte, dheanadh Deasaiche tàrail, sgileil, fòghluimte,
aig am bitheadh eòlas air fìor bhàrdachd agus comh-fhaireachdainn
r'a gnè, le beagan sgrìoban d'a ijheann, iomadh hiinneag agus dàn
ni 's re'idhe agus ni 's taitniche. Tha mi an dùil nach cuir faidead