23
An lathair Righ na gloir ;
Mur tog e chrann-ceusaidh,
'S mo leantuinn fein gach lo.
Ach sibhse a lean gu dilis rai,
Le cridhe fior gun gho ;
A threig gach ni bha priseal leibh,
*S a chuir fo chis an f heoil ;
Ma ghluaiseas sibh 's an fhirinn,
Bithidh 'ur sith mar abhuinn mhor ;
'S le buanach chum na criche dhuibh,
Theid sibh do rioghachd na gloir.
Na dibiribh 's an f hasach so
Mo ghras a chur an ceill ;
Innsibh anns gach aite, gu'n
Do bhasaich aon Mhac Dhe ;
Thugadh gu saor do chach uaibh,
A ni thug slainnt' dhuibh fein,
'S ma chreideas iad san t-Slanaighear,
Cinnte, rinn e an aird an reit'.
An aithne nuadh a dh'fhag mi dhuibh,
Is ail learn cur an ceil ;
Gu's an aithnich iad mo chairdibh-sa,
Le meud an graidh do cheile ;
Coi'-lionaibh nis mo ghairdeachas,
Gu'm bi sibh ghnath gu reith ;
'S bith mis ag uUach aite dhuibh,
A stigh am Parras Dè.
Ged tha sibh lag, cha churam duibh,
A's bhur suil ri Righ na gloir ;
Is laidir air 'ur cul-thaobh mi,
'S mo gradh dhuibh ur gach lo ;
Na h-uisgeachan cha mhuch iad sibh,
Ged dhuisg na tuinn gu mor ;
'S an teine cha dean ciurradh oirbh,
Bithidh sibh 's an fhurnais bheo.