21
C'ha'n 'eil an ròs is maisiche gun bhioran g'a
chuairteachadh, agus gheibhear air uairibh na
trioblaidean is truime an cois an t-soirbheis
a's mò san t-saoghal so. Uime sin is còir do
na trioblaidibh, agus do'n bhròn tha dlùth-
leantuinn an duine air thalamb iarrtus agus
togradh a chridhe a thogail a dh'ionnsuidh an
ionaid sin, far nach cluinnear caoidh no gearan
gu siorruidh ; agus do bhrìgh nach sàsuich an
saoghal diomhain so miann a chridhe, ""se a
dhleasdanas co-chomunn ri Dia a mhiannach-
adh ; oir 'na dheadh-ghean-san tha beatha, agus
mairidh a thròcair gu siorruidh.
(F.) AM MADADH-ALLUIDH.
"Buinidh am madadh-alhiidh do'n aon seòrsa
no gnè ainmhidh ris na coin ; ach tha e am
bitheanta a' fàs ni''s mò, ni's gairge, agus ni''s
cruadalaiche na iadsan. Cha'n 'eil e na m-
shaighdear ''nuair tha paikeas aig g'a bheatliach-
adh ; ach an uair a bheanas gorta ris, fàsaidh
e fiadhaich agus garg, agus bheir e ionnsuidh
cha'n e mhàin air beathaichibh na macharach,
ach mar an ceudna air cloinn òg, agus air
uairibh air shiagh mòr. Far am bheil na mad-
uidh-aUuidh ro-Honmhor cruinnichidh treud
mhòr dhiubh cuideachd, agus thèid iad an tòir
air feidh agus air sithionn, ag ullurtaich gu
h-àrd gus an glac iad a' chobhartach. Tha e
ailhnichte gu'n sàsuich am madadh-alluidh a
chiocras air cuirp dhaoine marbha a thogas e