27
achadh ann an làithibh an òige. Ach cha
chuala sinn riamh iomradh air duine a ghabh
aithrcachas 'nuair a bha e aosnihor, no 'na
luidhe air leabaidh a' bliàis, ou'n do chaith e
mòran d'a aimsir a' rannsacliadh an leabhair
so, — no neach air bith a rinn gearan dobhrìgh
gun do thaisge a bhriathra fallain 'na chridhe,
agus gu'n do chuire an gniomh iad 'na chaitlie-
beatha.
Is caraid fior agus dìleas am Biobul ann
an là ar trioblaid ; agus 'nuair a threigeas
gach dòchas saoghaka sinn, agus a bheir
doilgheasan na beatha so ar cos gu bruaich na
h-uaighe, eadhon an sin bheir e misneach do
ar cridhe, agus altrumaidh e dòchas an taobh
a steach dhuinn a ghiulaineas sinn an taobh
thall do'n uaigh. Bithidh e 'na lòchran
do ar cosaibh, agus "'na sholus-iùil do ar ceum-
annaibh : soillsichidh e an dorchadas tha
cuairteachadlì glilinn sgàile a' bhàis, agus ath-
bheathaichidh e ar spiorad le dòchas na beatlìa
maireannaich 'nuair a tha am bàs a' teachd
'nar dàil, agus a' criochnachadh ar beatha san
t-saoghal so. O ma ta gu'n deanadh sean agus
òg tbcal an Tighearn 'na riaghailt-stiùiaidh
dhoibh, — gu'm l)ithcadh iad a' beachd-smuain-
eachadh air an còmhnuidh, — gu'n tarruingeadh
iad sòlas uaith ann an là an trioblaid, agus
gu'm biodh an dòchas ri sonas siorruidh air a
shuidheachadh air na geallannaibh prìseil agus
tròcaireach tha e cumail mach dhoibh.