29
talamh agus a làn. An caithe' mise, do'n d'thug
Dia gliocas agus tuigse, na h-uairean prìseil so
ann an leisg, 'nuair tha a"" ghrian an àird, agus
a' dol air gnothuch a' Cruiihfhir, — "nuair iha
eunlaith an alhair a' laoidh-niholadh Dhe agus
ag aoradh dha le co-sheirm chiùil, — an uair
tha an talamli agus an fhairge ri gairdeachas,
agus uile chranna na coiUe ri luathghàire. O
na hiodh e mar so : na biodh an creutair a
fhuair tuille eòlais na ainmhidliean na mach-
arach, agus tuille tuigse na eunlaith an athair,
a diuhadh guth-aoraidh reusonta a chur ri
ceol a'' chruthachaidh gu h-iondan, agus chu a
bhilean, agus gràdh agus ùmiilachd a chridhe
a thoirt do'n Ti sin a thug gcalladh dha air a"*
bheaiha a ta Jàthair, agus air a"* bheatha a ta
teachd.
(K.) MU RIAGHLADH NA TEANGAIDH.
Tha mòran sluaigh am barail ged nach
fheud iad gach ni is àill leo a dheanamh, gu
bheil comas aca gach ni is àill leo a ràdh. Ach
is mearachd mòr so ; oir cha leinn fein ball air
bith a bhuilich Dia oirnn, agus uime sin cha"'n
fheud sinn a ghnàthachadli a reir ar toil fein.
Tha gach ni tha sinn a' sealbhachadh air a
dheònachadii dhuinn air son deadh chrìch ;
agus ma tha sinn 'ga chur gu dioch bhuil, tha
sinn gu ro-slioilleir a' cur an aghaidh toil an Ti
sin a chruthaich smn, agus ""gar fàgail fèin
buailteach d'a chorruich.
c 3