8 EACHDRAIDH lOSEIPH.
air magli taitneach, còmhdaichte leis gach feui
bu nòsaire agus gach blàth bu mhaisiche ; gu'n
robh an leòghann agus am mangan nan garaidh-
ibh uaigneach; cha robh iad an dian-thòir air
an creich le ulf hartaich ghràineil, agus cha robh
ach binn-fhuaim na sprèidhe r'a chluinntinn.
An uair a bha e dol air aghaidh, fo ioghnadh ri
maise naduir, agus a 'toirt aoraidh do 'n àrd
Chruthai'ear, chunnaic e gluasad neo-chumanta
sna neoil; leum a' ghrian, a' ghealach, agus
aon-reul-deug a nuas, agus rinn iad umhlachd
dha. Air an latha, an dèigh na h-iobairt f heasg-
air, an uair a bha teaghlach lacoib cruinn aig
an suipeir, mar bha gnà an àma ; gu neo-chiontach
neo-lochdach, dh' innis loseph a bhruadar nan
làthair uile. Dh'èisd 'athair ris gu furachair,
ach mheas e iomchuidh a bharail mu'n aisling
a ghleidheadh aige fein, air eagal gu'n dùisgeadh
e farmad bràithrean loseiph; agus thug e
achmhasan beag dha, ag ràdh, " An d'thig mise
agus do mhàthair agus do bhràithrean a shleuchda
'sios dhuitse ?" Grhabh am bruadar agus a bhrigh
greim air inntinn a phriomh-athar ; agus ged
a thug e beum do loseph, smaointich e air a
chùis na chridhe, gur ann os àird a bha e, a' cur
gniomh mòr èiginn air a mhanadh.
Bha chùis air atharrachadh aig bràithrean
loseiph: thug an aisling so am bruadar roimhe
gu'n cuimhne, agus air leo gu'n robh iad ionnas
cheana fo dhaorsa aig am bràthair. Mheudaich
am bruadar so am farinad, agus chuir e maoim
orra; gu h-àraidh 'nuair a dh'aithris Simeon a
bhruadar fein doibh, ni a cheil e gus a so. Air
loo gur gnothach cinnteach a bh'ann, agus nach