22 EACHDRAIDH lOSEIPH.
sich an slochd. Dealradh cho mòr '*s gu'n robh
e air a shlugadh suas le suaimhneas neamhaidh.
'Nuair a thraogh an t-soiUse iongantach, air chor
's gu'n robh e comasach air amharc, sheas òig-
fhear àillidh fa chomhair. Co luath 'sa nochd
an t-aoidhe neamhaidh e fein, labhair e mar so
ri mac lacoib. " Chuir mo Dhia fein, agus do
Dhia-sa, mis a'd' ionnsuidh a dh'innse dhuit gu
bheil e mion-eòlach air gach trioblaid agus
cruaidh-chas a tha thu 'fulang. Cha'n e a mhain
gur lèir do lehobhah do thruaighe, ach tha mal-
shluagh nèimhe uile fìosrach uime. Chrom iad
a nuas a dh'f haicinn a' ghniomh bhròin le mòr
eagal air do shon, gus an robh toil De do d
thaobh air 'fhoillseachadh. Ach chuir so casg
air an eagal, agus dh'aisig toil De sìth do mhòran.
Is mise Abel an ceud f hear a chuireadh gu bàs.
Thuit mise, a loseiph, le laimh mo bhràthar
Cain, agus b'e là mo bhais là m' àrdachaidh. I
a loseiph, nam b' aithne dhuitse an sòlas a th'
air 'ullachadh fa 'n comhair-san leis an ionmh-
uinn an Tighearna, cha bu mhaith leat do
bheatha bhi idir air a caomhnadh. Ach cha
d'thainig t-àmsa fathast. Tha thu ri Israeil
'àrach fo d' sgiathaibh. 'S fheudar dhuit bhi
air do reic do'n Eiphit chum an deadh f hearann
sin a riaghladh, agus a sholar lòin do shliochd a'
gheallaidh. 'S èiginn duit falbh an diugh fein,
oir tha Dia a' gnàthachadh eud do bhràithrean
chum so a thoirt gu crìch. Amhàin cuimhnich
an uair a bhios tu san Eiphit gu'm bi tu air do
bhuaireadh, ach glèidh do ghnà a'd' bheachd gur
e Dia nan Eabhruidheach a chuir ann thu. An
sin cromaidh do bhràithre sìos duit. An sin chi