EACHDRAIDH lOSEIPH. 29
Chaidh comhairr Aseir a ghrad ghabhail, agu8
shònraich iad gum b' iad Simeon agus Lebhi a
rachadh leis a chòta dh'ionnsuidh lacoib ; cha
b'urra do chàch bròn an athar 'f haicinn. Nach
daimheil aon chionta do pheacadh eile ? Cha 'n
'eil seòil aig mic lacoib air an droch-dheanadaa
'f halach, ach le breugan agus le ceilg. " 'Se ar
beatha a chlann, ' se ar beatha a Shimeoin agus
a Lebhi," a deir an caomh phriomh athair, " cion-
nas a tha' chuid eile de m' chloinn, agus cia mar
tha loseph T A deir iadsan, " Tha ar bràithrean
uile gu math, ach arson loseiph cha 'n f haca sinn
idir e." " Cha'n f haca sibh idir e !" a deir esan,
" 'se so an cùigeadh là o 'n chuir mi air falbh e
gu 'r faicinn, agus a dh'fhiosrachadh mu 'r
slàinte. Gu'n deònaicheadh Dia nach 'eil cion-
fàth air m' eagah gun cluinneam nach d'-
thainig sgiorradh air mo leanabh !" " Tha dòchas
againn nach d'thàinig," a deir iad, " ach cha 'n
'eil sinn fein saor o eagal uime, a chionn nach 'eil
e aig an tigh. An uair a bha sinn a' teachd
tre'n fhàsach, f huair sinn còta cosmhuil ri fall-
uing ar bràthar, ach aithnichibh sibh fein ni
's fearr e 'nuair a chi sibh e. 'Se so an còta
fhuair sinne, agus faicibh an e no nach e
còta ur mic a th' ann." Mo chreach ! 's e gun
amharus còta mo mhic a th' ann. Gun ag tha
loseph aìr a reubadh as a chèile, a deir e ; agus an
fhuil a' sìoladh as a ghnùis, thuit e an riochd
mairbh, agus bha e ùine mhòr m'am b'urrainn
iad a thoirt as an neuh Grhlac maoim an teagh-
lach, leum Beniamin agus na h-igheanan gu'
chòmhnadh, agus rinn iad iolach chruaidh, ag
èigheach, ar n-athair ! ar n-athair ! Tha ar
o3