54 EACHDRAIDH I08EIPH,
dean deas fa cliomhair a mhargaidh mu mheadh-
on-là am màireach ; agus gabb am beagan air-
gid so chum èideadh snasmhor a chur umad ;
agus ni mise gach ni as urra dhomh chum do
leas." Le so a ràdh dh'f halbh e, agus cha robb
cothrom aig loseph air freagradh a thoirt.
Dhrùigh an fhialachd so co mòr air loseph 's
gu'n do bhris a ghal air, a' toirt moladh do Dhia
a thog suas da, mar g'am b'ann athair eile ann
am pearsa Albhah. " thus', a Dhe naomha,"
dh'èigh e, " Tha nis mothachadh agam air t-uile-
làthaireachd, agus air do fhreasdal càirdeil mu
ghnothaichean dhaoine. Tha mi moladh do
ghliocais agus fo ioghna le d' mhaitheas dhomhsa,
a tha neo-airidh air an earrann is lugha de
d' thròcair ; deònaich Dhe gu'n d'thoir thu gu
crìch na thionnsgain thu air, agus soirbhich le
oidheirpean onorach Albhah shuairce as mo leth-
sa; agus soirbhich leam, agus bi maille rium,
Athair agus a Charaid, anns an dùthaich so far
a' bheil mi a'm' choigreach, agus 's ann duitse
bhios glòir an iomlain. Ainen.
Thainig an t-àm 's am b'èiginn do loseph e fein a
nochdadh sa mhargadh. Thainig e ann an trusg-
an eireachdail, a chuir àilleachd a phearsa an
cèill gu ciatach. Cha luaithe thainig e fein agus
a mhaighstir chum na fèille, na bha Potiphar,
ard-cheannard ainmeil ann am feachd na h-Eiph-
it, a' dol seachad, 's a thug e sùil air, no ghabh,
e tlachd dheth. Nach goirt an gnothach, thuirt
e ris fein, g'um biodh neach cho eireachdail na
choslas, air a chur a'm port reicidh fo mheach-
uinn gach spìocaire leibidich ? Ma shaoras air-
giod e thràilleachd ni mi e ; agus measaidh mi