40 EACHDRAIDH lOSEIPH.
mòr a gaol. Chaidh Potiphar agus Sabrina air
chuairt a dh'fhaicinn Ira, prionnsa de mhuinn-
tir Libia, far an d'fhuair iad aoidheachd fhial-
laidh, car seachduin no dhà, ach an àm pilleadh
dhachaidh thugadh ionnsuidh orra le creacha-
dairibh a mhuinntir Arabia. An uair a chunnac-
as an tùs iad, thuit Sabrina an riochd mairbh,
ann an glacaibh a fir ; agus cha mhòr nach d'thug
i suas an deò. Cho luath ri eun air iteig leum
loseph as a charbad, agus leum e air muin eich
a bha 'nan cuideachd, agus thug e prosnuchadh
do na seirbhisich iad a bhi gu gaisgeil dìleas
d'am maighstir. Thug na h-Arabaich aghaidh
ghramail orra ; ach le eisimpleir agus earail
loseiph chuir na h-Eiphitich an ruaig orra le
h-àr mòr. Chuir loseph 'each g'a dhùlan, mharc-
aich e suas ris an nàmhaid, agus le buille ga
chlaidheamh, sgoilt e ga shùilean ceannard nan
Arabach, agus maiUe ris-san mharbh e ioraa
fear dhiubh : lean òglaich Photiphair eisimpleir
loseiph, agus chasgair iad leth nan creachadair-
ean ud, am feadh a dh' iarr a chuid eile dhiubh
iad fein a dhìon le teicheadh mar a b' fhearr
a dh' fheudadh iad. Bha Sabrina a nis air
teachd as a phreathal san robh i, ghrad chaidh
Potiphar a chòmhnadh a luchd-muinntir ; ach m'
an d'ràinig e, bha 'n gnothach crìochnaichte, agus
chaidh an ruaig air an nàmhaid. Chunnaic
Sabrina o'n charbad treubhantas agus gaisge
loseiph, mar bha e 'sgathadh sios a naimhde,
agus bha gach creuchd a bhuilich e orra, mar
shrad-bheothachaidh d'a gràdh. Bha aiteas air
loseph a chìonn gu'n robh cothrom aige air
am maitheas da a cho'dhìoladh, le e fein a chur