4: BEARBH-BHEACHD AIR SLAINT.
cìnnteas air slàint d'anama fèin, a làn-shocrachadh
eadar thu-fèin agus Dia. Is è do dhòchas air
uairibh gur Criosduidh thu, agus air uairibh eile
bithidh eagal ort nach eadh, Ach ma dh-fhaigh-
nichear dhìot anis, no air àm eile, Am hheiljios
agad gur f ìor Chriosduidh thu ? An urrainn thus'
a ràdh le f ìrinn gur eadh ? An urrainn thu ràdh
gun bhrèig, Tha dearhh-bheachd agam air slàint
m'anama ? no am feumadh do chridhe aideachadh
nach d'fheuch thusa riamh fathast gu beò-dhùr-
achdach ris a' cheist so a shocrachadh eadar thu-
fèin agus Dia ? Thoireadh anis coguis gach aoin,
a lèughas na briathran so, breth co dhiubh a tha,
no nach 'eil ìad ag ìnnseadh staid a chridhe.
Agus ciamar is urrainn thus' a bhi beò gun
fhios cìnnteach agad air a' chuis luachmhoir so?
Na'm b'ain-diadhach thu ann do smuaintibh, a'
deanamh tàire mar tha, mo chreach ! mòran a'
deanamh, araon air ainm Chriosd, agus air ùgh-
darras Dhè — a' deanamh fala-dhà de'n pheacadh,
agus ri fanaid air gach guth a chluinneas tu
mu'n t-sìorruidheachd — ged bu bhrònach, truagh
do chor mar sin, cha b'iongantach idir è. Mur
bitheadh tu 'creidsinn idir ann an Dia, cha b'iong-
antach ged bhitheadh tu toilichte gun dearhh-
hheachd agad air fàbhar Dhè. Mur bitheadh sùil
idir agad ri sonas an dèigh do bhàis, cha b'iongant-
ach idir ged nach cuireadh tu mòr dhràgh ort-fèin
an diugh, a chum thu-fèin ullachadh air a shon.
Ach mur ain-diadhach, no mì-chreideach thu, am
bheil thu coma do nithibh sìorruidh ? am bheil
d'ìnntinn gu lèir air a lìonadh suas le nithibh
aimsireil — air a toirt gu làn do thoil-inntinn na
beatha so, gun smuaineachadh idir air d'anam,