DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT. 5
agus air sìorruidlieachd, agus air Dia, agus air
Criosd, agus air breitlieanas ri teachd — gu dearbh
bu miiòr an t-aobhar bròin do dhoille agus
d'amaideas mar sin, ach cha b'iongantach idir
thus a bhi beò gu toilichte gu'n fhios idir agad
mu nithibh do nach 'eil spèis no sùim air-bith
agad. Ach ma tha thus' a' creidsinn anns na
nithibh sin, no ag aideachadh a bhi 'creidsinn
ànnta, no fo chùram mu do shonas sìorruidh ; agus
thu air uairibh mar gu'm bitheadh tu gu dùrachd-
ach ag ìarraidh slàinte ; agus tusa fathast beò o
sheachduin gu seachduin, o mhios gu mios, agus
o bhliadhna gu bliadhna ann an cor cho neo-chìnnt-
each mu thimchioll do shlàinte — is neònach —
iongantach — uamhasach an nì è — gu dearbh !
Cha b'àill leat idir fantuinn neo-chinnteach
mu nithibh luachmhor eile. Is maith is aithne
dhuit ciod è sin seasamh ri taobh leapa anns am
bi do charaid gràdhach a' fulang fo thinneas;
abair pàrant, — do phiuthair, no do bhean — do
mhac, no do nighean, 'us tus' a'feitheamh le im-
cheist agus fo phìanadh cridhe ri barail an dochd-
adair mu thimchioll do charaid — a' bharail leis
am bi do mhisneachd air a beothachadh suas, no
do dhòchas air a ghearradh sìos — d'eagal air a
mheudachadh, no air a sgapadh air falbh. Am
b'àill leat a bhi fad ùine neo-chìnnteach mu chùid
mar sin ? Am bitheadh sin socrach leat ? Cò
nach f hac an imcheist mhòr agus am mi-f hoigh-
idin leis am feithear amhàin le luchd-coimhid
ann an cùirt-cheartais ris a' bhìnn a bheirear
amach leis a' bhreitheamh, 'nuair nach 'eil fios co
dhiubh is è binn beatha no bàis a bheirear air a'
chiontach? Agus ma bhitheas eagal cho trom
a3