tabhairt — cha n' urrainn a bhi ni 's soilleire 's
ni so-thuigsinne n' a' chainnt so a th' air a
cleachdadh mar so le Peadar, agus le Marta, 's
leis an iompachan o Etiopia, 'nuair a tlia iad
air leth ag aideach gu 'm b' Esan " losa Criosd,
Mac an De bbeò, a blia ri teachd chum an
t-saoghail."
'San dara aite, — Gidheadh, tha uaithe so
cùis eile a' teachd san rath ad, Carson a thàinig
e gu bhi feumail '* samhladh bhriathar fallain "
air bhith a bhi ann air leth o gach aideachadh
aithghearr soillear dhiiibh sin, seadhar, mar a
dh' aidichear iad uile, a thaobh na firinne a
shaoras ? Carson ? Mo thruaighe ! caoch-
laidhean coirbte baralach — baoth-innleachdan
inntinne mu chùisean cràbhaidh — agus truail-
leadh mi-chiatach teagaisg Chriosduidh ameasg
luchd aidmheil a chreidimh, thòisich air iad
fein a thaisbeanadh gu ro thrà : Am feadh —
'na dheigh sin — anns gach linn, agus air aghart
's a' ruigheachd gu'r linntibh fein, tha fios
aguinn, gu maith, ciod na tuiltean mhearaclid
agus saobh-chreidimh, agus coimeasgadh mill-
teach mi-naomh air an fhirinn fhoillsichte, a
shrutli asteach, 's a bhris mar mhaoim air a
choilion earrann do'n Eaglais fhaicsinnich.