10
Uabhar bhuadh-iuntinn ameasg cuid, — Ion gu
bhi 'm beul an t-sluaigh ameasg cuid eile ;
rannsachadh air dhroch-threòrachadh asteach
do 'n fhirinn an so — agus spiorad luaineach
uabhair an sud, thug asteach teagasgan coim-
heach chum fiaradh agus sgrios anamanna.
Anis, anns na cùisihh sin, thachair gu'm
b'eigin riaghailt-shuidhichte a thaisbeanadh —
chum fianuis a thogail agus dion. Bha fianuis
ri 'bhi air a toirt an aghaidh mearachd ; 'san
Fhirinn bha ri 'bhi air a dion, agus chaidh
oidhirp a thoirt air an da chuid a dheanamh
le " samhladh bhriathar fallain " air a mheud-
achadh 's air a dheanamh ni's àraidh anns gach
puing, los gu'm biodh air an coinneachadh 's air
cur 'nan aghaidh iarrtasan o bhriseadh asteach
air na tha sinne a' meas mar Shoisgeul na
slàinte. Cha n' urrainn e'm feasda stàth a
dheanamh dhuinn ann a bhi dion, (a reir ar
beach d-ne) oirre "na firinne mar a ta i ann an
losa " gu 'm bi sinn 'gar riarachadh fein le bhi
'g ràdh leis an aogas fhoisneach air an èolach
sinn a bhuineas do 'n bharail fhialaidh so, mar
theircar, gu 'n " aontaich sinn direach, leis na
bheil mu 'n cuairt oirrn a tha 'g aidmheil am
Biobull a "habhail mar Fhocal Dhe. Carson ?