13
an aonaclli mar a' meadhon-còdhalachaidh anns
a chùis òirdheire sin " Crìosd air a clieus-
adh." Ach ged tha so air 'aideach, tha sibh air
a slion sin air ur n-aslachadh gu bhi 'cumail
'nur cuimhne nithean araidh mar a leanas : —
Cuimhnichibh nach 'eil " Leabhar-aidmheil
Creidimh " air bliith am feasd r'a bhi air a chnr
an àite' Bhìobuill : Is ann, air an laimh eile a
tha e f hein r'a uile iighdarras a tharruing o 'n
Bhiobull. Aris cha n' eil Leabhar-aidmheil
Creidimh am feas^d ri'r leughadh làthaìl air a'
Bhiobull a chur air chììl. Ni h-eadh, ach, air
an laimh eile, am feadh a tha sibh a' cur deuch-
ainn air "samhladh bhriathar," 's a' faighinn
amach 'fhallaineachd le dearbhadh firinn Bio-
buill, tha sibh daonnan r'a ghabhail 's r'a
chleachdadh direach mar Leabhar-sèolaidh chum
a Bhiobuill fhein, 's mar thrèoraiche chum
rannsachaidh agus tuigsinn ni's coilionta air na
sgriobturaibh.
Gidheadh, anis, annta sin agus ann am beach-
daibh eile, cia buannachdail airson chrioch
spioradail agus dheagh-bheus a ta "samhladh
bhriathar fallain" air teachd gu bhi. Tha
e sa' cheud thoiseach, gu riochdail, ag innse ciod
an seadh sam bheil an Eadais do 'm buin