/ ri
ì
mmmm m m
Ccou/iM^^ .
m
A CHDB 00 N' FHABLAMAIO.
1. Tha e na shar Ghaidheal, ag-us tha Gaidhlig" mhath ai^e.
2. Bha e riamh air taobh nan Gaidheal, 's air taobh na Gaidhlig".
3. 'S e Uachdaran is f hearr a tha *n diugh air Gaidhealtachd
na h-Alba.
4. Cha do chuir e fhein, 'athair, no 'sheanair, duine riamh
dheth an oighreachd.
5. Cha 'n eil e 'cumail Siamarlan a' deanamh droch-bheairt is
buaireadh eadar e f hein 'sa chuid daoine.
6. Cha 'n eil banntrach le diUeachdain a' paigheadh sgillinn
mhail air an oi^hreachd gus an tig" na gillean gu cuid fir.
7. Cha 'n eil tuathanach no croitear air an oighreachd aige—
a^us cha robli bho'n f huair e i~gun ghabhaltas.
8. 'N uair a thug" e 'n dara g^abhaltas do'n tuath, bho chionn
ochd bliadhna, chuir e luchd-meas air an talamh, ag" aithne orra
gu'n chus mail a chur air an tuath, no air chor sam bith am fearann
a chur daor orra.
9. An deighe'mal a shuidheachadh leis an luchd-mheasa so thu^
e 'm fearann do'n tuath, air g'abhaltas chuig-bliadhna-diag, da
thastan as a phunnd shassunnach na bu lug'ha na mheas iad e.
10. Mhaith e 'mal do iomadh duine bochd le teaghlach lag* air
son iomadh bliadhna nuair f huair e'n oighreachd agus bho na
f huair e i.
11. Tha e mar chleachdadh aige nuair nach urrainn croitearan
a' mal a phaigheadh air son iomadh bliadhna, a mhaitheadh uile
dhoibh, agus aon chroit a thoir eadar dithis gun mhal idir.
12. Dheanadh e feum mor agus sonas do'n Ghaidhealtachd gu
leir, air a h-uile doigh, leithid Shir Coinneach Ghearrloch a bhi air
an taobh, agus a' seasamh suas air an son fein, air son an Ainm, an
Eachdraidh, an Litreachas, am Bardachd, agus an Cliu ann am Parla-
maid na Rioghachd.
SUAS LEIS EHEARABH ! !
CLANN naii GAIDHEAL an GUAILLEAN
A CHEILE.
THUGAIBH FAINEAR, A DH-AINDEOIN CO THEIR
A CHAOCHLA RIBH, GU'M BHEIL E DO-DHEANTA,
DO DHUINE TH'AIR AN T-SAOGHAL— SIAMAR-
LAN NO TIGHEARNA— FHAIGHINN A MACH
CIAMAR A BHOTAIGEAS SIBH LE DOIGH UR
NAN CROISEAGAN; AGIJS THA NEACH SAM BITH
A THEIR A CHAOCHLA AG INNSE' RUD NACH EIL
CEART.