38
ro-dhoilich air son a sheòlanna seachranach,
agus gheall e, nan tugadh 'athair maitheanas da
an aon uair so, nach tigeadh breug tuille a
mach à bheul. Ghiulain 'athair dhachaidh e,
agus thug e maitheanas dha, a chionn gu'n
do ghabli e aithreachas. Ach thubhairt e
ris, Feumaidh tu maidieanas iarruidh o Dhia,
an aghaidh an do pheacaich thu gu mòr, agus
guidhe air gu'n gleidhcadh e thu o olc san àm
ri teachd. Rinn an t-ògannach a rèir na h-àithne
so, agus le gràs De, agus le giulan ciatach
agus ceart, thug se e fein gu creideas a rìs,
agus bha gràdh aig gach neach dha.
AN TIIAILL.
Chaidh òganach, a bha 'na thràill aig fear-
fearainn, ann an Innsibh na h-aird-an-iar, air là
àraidh a dh'eisdeachd searmoin,agus air dha fios
fhaotainn mu thimchioU an t-Slànuighir, agus
èifeachd na h-ìobairt a thug e seachad air son
pheacanna a' chinne-daoine, chreid e ann, agus
dh' fhàs e 'na fhior-chriosduidh. Chunnaic a
mhaighstir so ; agus do bhrìgh nach robh tlachd
air bith aig fein do dhiadhachd, dh'orduich e
dha gun bhi tuilleadh a' dol a dh'èisdeachd an
t-searmonaiche. Ach dh'iunnsaich an t-ògan-
ach o'n Bhiobul gu'm b'e a dhleasdanas Dia a
thoileachadh, agus cha'n e duine ; agus uimc
sin chunnaic e gu'n robh e mar fhiachaibh air
a mhaighstir a dhiùltadh sa' chùis so. Chual a
mhaighstir so,agusairdha ant-òganach a ghairm