46 GAELIC TEXT.
ar glinn iosail; mu gharthaich ar cuanta mora, agus mu
bhoichead ar lochain shamhach fhior-uisge. Mhol e
gacli creag agus garbhlach, agus am badan ceo a
dh'iathas m'an timchioU. Thug e iomradh air ar
n-orain, agus air ar ceol, ar saighdeirean agus ar cinu-
fheadhna ; agus ma's e nuallan na pioba-moire, cha
do dhi-chuimhuich an duin' eireachdail ! Las mo
chridhe le aoibhneas. Dh'fhiosraich mi m'fheoil ag
eiridh air mo chnamhaibh. So, ars' esan, Th' nam
Beann, nan Gleann, 's nam Breacan !
IV.
Th^isich mo charaid an TeacMaire — ach ma th6isich
esan, bhuail iadsan. Chrom e 'cheann. Nach narach
e, arsa mise ri Coinneacli 1 An e sin do bharail, arsa
Coinneach 1 Tha e cho moiteil air a' cheart am ri aon
bhean-bainnse a sheas riamh an lathair ministeir.
Leig thusa leis ; thig e as a' phaiseanaich naire ud a
thiota — agus mar thubhairt b'fhior. Thoisich e gu
malda narach — co ach esan ? Cha leaghadh an t-im
na bheul. Cha-n 'eil fios agam, a dhaoin' uaisle, a
deir e, ciod is urra dhomh a radh — . Thug e tuisleadh
no dha, mar dheanadh each crubach 's an dol a mach
ach mar ghabh e teas, agus mar chaidh e fo shiubhal,
chuir e dheth gu h-innich. C'aite nis a' bheil an
naire, arsa Coinneach Euadh % I^ach d'thubhairt mi
riut 1 Sud e an impis sgaineadh le moit. Labhair
6 gu maith, agus gu ro-mhaith. Thug e dhoibh
eachdraidh na Gaeldachd o laithibh Fhinn mhic-
Cumhaill. Labhair e mu sgoilibh agus mu eaglaisibh,
mu dhaoin' a rinn maith d'ar duthaich anns na
linntibh a dh'flialbh, agus anns an am a tha lathair.
Labhair e mu thogradh nan Gael gu foghlum fhao-
tainn, agus mu iomad ni nach urrainn clomh a chur
sios.
Lachlan McLean.