eachadh aìr cleachdainnibh nan làithean a dh'f halbh,
mar shamhladli air snasmhorachd na cànain anns an
robh na seann sgeulachdan sin air an aithris, agus,
mar an ceudna, air an dòigh air an robh gliocas air
a theagasg anns na linntibh dorcha sin.
'S aobhar-sòlais, da rireadh, gu bheil nithe ni's fèarr
aig na Gàidheil a nis r'an aithris agus r'an eisdeachd,
na seann sgeulachdan nan làithean a dh' f halbh -.
ach mheas sinn nach robh cron ann an cuid dhiubli
a chumail o dhol gu tur air di-chuimhn', mar chul-
aidh-annais do linntibh a thig 'nar de'igh. Tha
raòran do'n t-seòrsa cheudna f hathasd air an aithris
feadh na Gàidhealtachd ; agus aidichidh mi gum
b' f hèarr leam gu mòr comh-chruinneacliadh dhiubh
'f haicinn na do'n chuid a's mò do na h-òrain fliaoin
amaideach a tha o bhliadhna gu bliadhna air an cur
a mach 'nar measg.
Cha bhi na Gàidheil ni's faide as eugmhais leabli-
raichean 'nan cainnt fein. Tha miltean do dh'òigridh
a nis comasach air a' chànain aosda sin a le'ughadli
agus a sgriobhadh ; tha oileanaichean òga measail
air a' cheart àm so ann an Ard-sgoilibh Ghlaschu
agus Dhun-Eideann a tha 'nan onair do'n dùthaich
a thug dhoibh àrach — tha spe'is aca do'n Ghàilig,
agus ma bheir Dia làithean do chuid diitbh, 's cinnt-
each mi nach bi a' Ghàidhealtachd as eughmhais
leabhraichean a bhios airidh air an leughadh.