14
cha'n fhacas le sùil. Bha'n dealbh so air a slmidh-
eachadh ann an òr^ le 'fhalt donn fèin agus m' fhalt-
sa air an amladh le cheile mu'n cuairt da. Thug
Mànus an dealbh so far an robh mi an oidhche mun
d' fhalbh e. ' So/ ars' esan, ' a Mhàiri, cuimhneach-
an beag a thug mi dhachaidh air do shon. Giù-
lain ann ad uchd e, agus fagus air do chridhe ; agus
ma chhiinneas tu tuaileas onnsa, ma bhios eagal ort
gu'n di-chuimhnich mi thu, amhairc air an dealbh
sin : chi thu firimi a's bàigh a's gràdh 'san t-sùil
sin, nach atharraich agus nach caochail am feadh 's
a tha 'n t-anam a'm' chòm.' Chàirich mi ann am
uchd e. ' 'Se 'm bas/ arsa mise, ' a dhealaicheas
sinn ;' agus mar thubhairt, b' fhior. Ciod th' agaibh
air — b' eiginn dealachadh. Bha 'ghealach ag eiridli
cùl na beinne mar a phill mi o'n tràigh. Tha farum
nan ràmh agus onfhadh tròm tùrsach a' chuain
fhathasd a'm' chuimhne mar gu'm b' ann an raoir a
dhealaich sinn.
'' Phill mise dhachaidh — ach chaidh an t-saighead
'am chridhe air an oidhche sin, a dh' fhàg guin nach
d' thàinig, agus nach tig, as. Bha mi gòrach, amaid-
each, aineolach ; air mo Chruithfhear bha mi tur
di-chuimhneach. Bha iodhol eile aig mo chridhe —
a's dhiol mi gu tròm air a shon. Air-san bha mi
smuainteacliadh moch agus anmoch ; bha e ann am
smuaintibh sanlatha — bha e 'am aisling sanoidhche.
Ge b'e taobh a rachainn, bhiodh 'fhaileas fa cho-
mhair mo shùl : a' siubhal an rathaid mhòir, bhith-
imi a' meòrachadh a bhriathran, agus, ge h-oillteil
r'a innse e, 's ann air a bhiodh m' inntimi a' ruith
ann an tigh-aoraidh an Tighearna ; oir ged a dh'
e'irinn 's a shuidliinn mar a. dheanadh cAch — ged
bhiodh am Biobull a'm' làimh — ged bhiodh fonn
nan salm air mo bhiUbh, 's ann anns na h-Innsibh,
aig Mànus na Beinne, bha gràdh agus tlachd m'
amima.
" O ! 's mise bha cealgach ! 'S ann do thròcairean an