2S
dorchadais m'ar timchioll ; agus ag àithneadh sàmh-
chair agus fois, chum gu'n coidleadh a mhòr theagh-
lach fe'in ann an sith.
Sibhse, dliaoine, a tha air 'ur claoidh le saothair,
agus a leanaba òga, agus gacli creutair a's faoine agus
a's laige, coidlibh gu sàmhach ; tha Dia a' faireadh
thairis oirbh.
Feudaidh sibhse codal, oir cha choidil esan : dùin-
ibhse \iY sùilcan ann an tèaruinteachd, oir tha a
shùil-san do ghnà fosgailte chum 'ur dìon.
■'Nuair a the'id an dorchadas thairis, agus a bhris-
eas an òg-mhaduinn air 'ur sìiilibh, tòisichibh an là
le moladh Dhe, a ghabh cùram dhibh trid dorchadas
na h-oidhche.
A bhlàithean àilUdh, an uair a dh' f hosglas sibhse
a mach as ùr, sgaoiUbh 'ur duiUeach, agus thugaibh
'ur fàile a's cùbhraidh mar mholadh d' a ainm.
Eòin is moiche Mhùisgeas, tairgibh dhàsan 'ih*
ceileirean tàingeil air geugaibh nan craobh ! seinnibh
dhà-san mun seinn sibh 'ur n-òran gaoil.
Biodh moladh Dhe air 'ur cridheachaibh 'nuair a
luidheas sibh sìos, biodh a chliù àh' 'ur bilibh 'nuair
a mhosglas sibh gu moch.
Mu Dhiadhachd Chi'iosd.
ThA diadhachd Chriosd air a leigeil ris duinn
gu soiUeir anns na Sgriobtuiribh naomha. 'Nuair
a dh' fhosglas mi mo BhiobuU, agus a bheir mi
fainear na h-ainmean a th' air an toirt da, — na
buaidhean a th' air an cur as a leth, — agus na
gniomharan a rinn, agus a tha e deanamh ; clia 'n 'eil
e ann am chomas a bhi ann an teagamli sam bith a
thaobli na puing chudthromaich so. 'Se Dia is ainm
dha ; an Dia mòr ; an Dia cumliachdach ; lehobhah ;
Tighearna nam feart. Tha uile àrd-bhuaidhean