25
aitreabh na firinn air a togail. Thoir air falbh i,
agus tuitidh an togail dhreachmhor so gu làr : dubh
a mach an teagasg so à creidimh a' Chriosduidh,
agus cha'n e 'mhàin gu bheil thu cur as a h-aon do
na reultaibh dealrach a tha 'na iarmailt ; ach 's ann
a tha thu a' smàladh na gre'ine glòrmhor mu 'bheil
iad gu leir a' gluasad, 's o 'm bheil iad a' faotainn
an àilleachd agus an soluis. Thoir uam mo chreid-
imh ann an Diadhachd mo Shlànuighir, agus an
sin feudaidh mi gu dearbh mo chlàrsach a chrochadh
air na geugaibh seihch, agus a bhi fo bhròn ; oir
tlia mi fathast ann am pheacaibh, — faodaidh mi mo
dheòir a shileadh, agus a rtidh le barrachd aobhair
na thuirt Muire, Thug iad air falbh mo Thighearna,
*s cha 'n 'eilfhios agam càite 'n do chuir iad e. Acli
co cinnteach 's is urrainn teisteas an Athar mo
dheanamh, tha mi creidsinn gur h-esan an Dia beò
agus siorruidh. Air a' chloicli so, an t-aon a's priseile
san aitreabh gu leir, togaidh mi mo dhòchas, agus
leigidh mi taic m' anama, ag rAdh, ann an làn-
chreidimh, mar thubhakt Tòmas,Mo Thighearna,
AGUS MO DhIA.
Criosd ^na Dhia agus 'na Dhuine.
'S fheudar 'aideachadh, 'nuair a thàinig am
Focal san f heòil nach d' thainig caochladh no athar-
rachadh air an dà nàdur : cha d'atharraicheadli an
Diadhachd gu daonnachd, 's cha mhò a dh' iom-
paicheadh daonnachd chum Diadhachd ; ach dh'
fhuirich iad le cheile eadar-dhealaichte 'nam buaidh-
ibh mar bha iad. Ge nach 'eil e comasach dhuinne
a thuigsinn cionnus a tha an dà nàdur a' co'-aontach-
adh san aon phearsa , gidheadh cha 'n e 'mhàin gu
bheil an f hirinn so air a teagasg dhuinn gu soilleir
ann am focal De' j ach tha e foUaiseach dhuinn ann
c