29
O'n bhothan bheag ud as am faicear smùid
Ag eiridh caol os ceann a' cheò, tha fuaim
Nan salma miUs — laoidhean naomha binn.
Tha sith 03 ceami a' bhaile-bhig ud thall,
An t-innein chlos ; tha h-uile ni 'na thàmh.
Tha 'mhaigheach fein, ge fiamhach i, a' stad
Le sùil 'na de'igh, a' beachdachadh gun gheilt
Air duine, a nàmhuid bhorb. Tha'n gearran tròm,
Gun taod no teadhair, 'g ionaltradh gu saor ;
Air leud a dhroma, cur nan car le stri
'Chrùidhean a' boillsgeadh os a cheann ri gre'in.
Ach 's leats' a dhuine an suaimhneas so mar sheilbli.
Fàilt' air an là naomh, là chur sgios nam bochd !
Rè làithean eile air an claoidh gu goirt,
'Nan aonar ithidh iad gu grad an lòn
x\ir an lòm bhlàr, fo dhion o theas no fhuachd,
Am fasgadh craige, no fo dhubhar chraobh ;
Ach dhachaidh thig iad air an latha naomhs',
Gu h-ait le luchd an gràidh gu'n suidh iad sios
A roinn an lòin, 's a thogail suas le che'il'
An altachaidh do Dhia — cha'n ann gu faoin
Le focal, no le ghiasad beòil, ach fòs
Le sùil gu nèamh, 's an cridhe 'n sàs gu dlù.
Fàilt' air an latha naomh ! fàilt' air là nam boclid !
Fhuair am fear-cèirde glas an diugh a chead,
'S e falbli o smuid a' bhaile-mhòir gu tràtli,
Ri bruaich na h-aibhne dh' iarr e'm fàile glan ;
A' beachdachadhle taing 'an àird' nan craobh
'Nan duilleach uaine 's amis na blàithibh maoth
Air cumhachd glòrmhor Dhe'. — 'S le sòlas ait
Mar tha e breitiineachadh gu stòld' leis fein
Tha e fo dhòchas, (ge nach ann gun fhiamh)
Gur sàbaid shiorruidh bhios faidheòidh air njamh.
C 3