A BHEAN TIGHE MHATH. 43
feuchain ri clach-mhuilinn a charachadh ;
cha ghluaiseadh 's cha bhruidhneadh e, ge
do chàireadh 's a ghlaodhadh i fhathast ris.
Nar dh' fhairthch e oirre 's nach robh fhios
aice de dheanamh i, smaointich i dol air son
comhairle gu sean duine ghc air a' bhaile.
Dh' fhàg i 'chuideachd neo-thlachdmhor
aig a' chuid mo dheireadh de'n deasacha'
rinn i dhoibh, shHp i mach 's ràinig i an
duine ghc 's dh' innis i dha an dragh
bh' oirre 's mar nach dùisgeadh fear-an-
tighe. Thug esan achmhasan dhi air son
a cion-mhothuchaidh ann a bhi'g iarraidh
cuideachaidh neo-shaoghalta, 's thuirt e
rithe, —
" Co fad 's is beò thu na cur romhad,
na iarr 's na guidh air son nì mi-dhealbhach
no mi-cheudach, eagal 's gu faigh thu
t'òrdugh 's gu'n toir thu sgiorram ort fhèin.
Thàinig na daoine 's cha chuir saothair
bruidhne air falbh iad. Tha Fear-an-Tighe
fo gheusaibh 's mu'n dùisg e feumaidh a'
mhuinntir neo-cheadaichte, a ghuidh thu
fhèin air an son, an tigh fhàgail 's beagan
de'n bhùrn luaidh a chaitheadh air."