44 A BHEAN TIGHE MHATH.
Dh' fharraid i sin de'n dòigh air 'm
faigheadh i na daoine-fuadain air falbh, 's
thuirt an sean duine rithe tilleadh dhachaidh,
's seasamh air an dùn aig dorus an tighe 's
glaodhach àird a cinn, trì uairean gun robh
Dùn Bhurg 'n a theine. Thigeadh a' chui-
deachd an sin a mach le rèis dh' fhaicinn an
t-seallaidh iad fhèin 's dar gheibheadh i
taobh a mach an tighe iad 's an dorus
druidte orra, bha i ri car tuathail tarsuinn no
car-a-mhuiltein a chur 's a' h-uile nl bha iad
ag obair leis. Thill i leis an fhiosrachadh
a fhuair i, 's nar ràinig i'n cnoc mu choin-
neamh an doruis ghlaodh i co searbh 's co
cruaidh 's gu'n cluinneadh feadhainn a b'
fhaid' air astar na bhl^'na beachd i, " Tha
teine an Dùn Bhurg ! Dùn Bhurg ri theine !
Dùn Bhurg 'n a lasair dheirg."
Mu 'n do chrìochnaich i an glaodh cor-
ranach bha 'chuideachd shìth mach as an
tigh 'n an sradaichean, a' mùchadh 's a'
saltairt air a chèile feuch co aca bhiodh
air thoiseach ann 's an " Holovohorohe "
bha aca ruigheachd an doruis 's iad ag
eibheach, —