Mac an Duine
Dhe e bha e air fhoillseachadh anns an fheòil,
air a bhreith o 'n òigh, 'na luidh anns a' phrasaich.
B'f hearr learn gu faicinn an sin e airson mionaid le
mo shiiilibh fo bhuaidh an ungaidh na ged a bhiodh
Cataobh gu h-iomlan agam dhomh fhein. Na'm
biodh aon tarruing anail agad an rathaid a bhi
'g a fhaicinn an sin, ruigeadh tu air na's mo
na b'urrainn a' chriutheachd gu lèir a thoirt duit.
Na'm b'urrainn domh Dia a choinneachadh
ann-san, ag ràdh rium — " Mo Mhac gràdhach,"
agus creideamh air mo thaobh-sa, coinneachadh
ris a' chliii sin ann-san, bhiodh cuilm agam dha
m'anam. O! " diomhaireachd mhòr na Diadh-
achd. Dia air fhoillseachadh anns an fheòil" —
nàdur na daonnachd a' gabhail comhnuidh ann
am pearsa Mhic Dhe, agus esan a' gabhail comh-
nuidh an sin. Bha eagal orm 'nuair bha mi a'
sealltuinn ri Eden gu biodh mo nàdur 'n a stàbull
aig iutharn, ach a nis, tha mi 'g a fhaicinn mar
theampull na Diadhachd — an Diadhachd a' gabhail
comhnuidh an sin, agus a' dealrachadh a mach
an sin. Ciod an rughadh gruaidh tha nis aig a'
Mhilltear, ciod a' ghlòir tha nis aig lehobhadh,
agus ciod an dòchas a th' aig an anam bhochd !
Mu 'n Ti so tha tri nithe fior.
(i) Thiiinig e mar Shlanuighear do bhrigh gur
i6